Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:52

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd-lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh.

An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;

Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan