Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:51

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.

Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.

Anns an ochdamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,

A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.

Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.

Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan