Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.

Agus mar an ceudna, airson na fala neochiontaich a dhòirt e; oir lìon e Ierusalem le fuil neochiontaich, nach maitheadh an Tighearna.

Nuair a nì e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha dìochuimhnich e glaodh nam bochd.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd-àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.

A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise.

Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.

Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.

An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan