Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur-leanaidh iad:
On là air an tàinig ur n‑athraichean a‑mach à tìr na h‑Eiphit gus an là‑an‑diugh, chuir mi dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gach là gu moch agus gan cur a‑mach:
Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean-adhlaic.
Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e.
Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;