Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean-adhlaic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.

Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh.

Agus bheir iad air an teangaidh fhèin tuiteam orra fhèin; teichidh gach neach a chì iad.

Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Carson? Nach eil am mac a’ giùlan aingidheachd an athar? Nuair a rinn am mac an nì sin a tha dligheach agus ceart, a ghlèidh e mo reachdan-sa uile, agus a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beò.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar.

Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na muinntir a mharbh na fàidhean.

Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad.

Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur-leanaidh iad:

Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.

Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan