Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh-sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
Oir cho tric is a labhras mi, a ghlaodhas mi a‑mach an aghaidh ainneirt, no a dh’èigheas mi lèir-chreach, tha facal an Tighearna air a dhèanamh dhomh na chùis-mhaslaidh agus fhanaid gach aon là.
Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann.
Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd-lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.
Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd-lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.
Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.