Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir chan eil ceart nam beul; is fìor aingidheachd an taobh a‑staigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgòrnan; nì iad miodal len teangaidh.

Agus an luchd-siubhail a tha ag imeachd tron fhearann, nuair a chì aon neach cnàimh duine, an sin cuiridh e comharradh suas làimh ris, gus an adhlaic an luchd-adhlacaidh e ann an Gleann Hamon-Gog.

Tha fear-faire Ephraim lem Dhia-sa: tha am fàidh mar lìon an eunadair na uile shlighean-san: neartaich iad am fuath an aghaidh taigh mo Dhè.

Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean.

Nì gun amharas as lugha de gach uile phòr: gidheadh air fàs dha, is e as mò de na luibheannan, agus fàsaidh e na chrann, ionnas gun tig eunlaith an adhair, agus gun dèan iad neadan na gheugan.

An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan