Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àitheachan-suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.

Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Is cosmhail e ri cloinn a shuidheas anns a’ mhargadh, agus ag èigheach rin companaich,

Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean, leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig fèillean;

Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:

Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd-cheannas a bhith aige nam measg, rinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan