Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus gun tugamaid ciad-thoradh ar taoise, agus ar tabhartas, agus meas gach gnè craoibhe, fìona, agus ola, a dh’ionnsaigh nan sagart, gu seòmraichean taigh ar Dè; agus deicheamh ar fearainn do na Lèbhithich, air chor is gum faigheadh na Lèbhithich sin an deicheamh ann an uile bhailtean ar treabhachais.

Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.

Is math dhut greim a ghabhail dheth seo, agus o seo mar an ceudna na tabhair air a h‑ais do làmh; oir an tì air am bi eagal Dhè, thig e asda sin uile.

Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?

Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais?

An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan.

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar.

Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh.

Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh.

Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh?

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan