Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann le cridhe iomlan.

Dh’fhosgail iad orm am beul, mar leòmhann reubach agus beucach.

Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc.

Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe.

Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar.

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

Tha co‑bhoinn fhàidhean na mheadhon; mar leòmhann beucach an tòir air a’ chreich: shluig iad anaman: ghlac iad an t‑ionmhas agus na nithean luachmhor: rinn iad a bhantraichean lìonmhor na mheadhon.

Tha a uachdarain na mheadhon mar mhadaidhean-allaidh, cìocrach a‑chum creiche, a dhòrtadh fala, a sgrios anaman, a dh’fhaotainn buannachd neo-ionraic.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.

Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.

Oir gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan don dream a tha glan: ach dhaibhsan a tha salach, agus mì‑chreidmheach, chan eil aon nì glan; ach tha an inntinn agus an cogais fhèin air an salachadh.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan