Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.

Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan