Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.
Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.
Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;
Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd: