Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.
Oir dhòirt an Tighearna oirbh spiorad suaine; agus dhruid e suas ur sùilean; air na fàidhean agus ur luchd-riaghlaidh, agus air an luchd-seallaidh chuir e còmhdach.
Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh.
Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
A‑chum is a’ faicinn dhaibh gum faic iad, agus nach aithnich iad, agus a’ cluinntinn dhaibh gun cluinn iad, agus nach tuig iad; air eagal àm air bith gun tilleadh iad, agus gum biodh am peacaidhean air am maitheadh dhaibh.
Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.
Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,
A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.
Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.
Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.
A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis-sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè: