Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.
Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh-sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs.
Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas.
Eiridh muinntir Ninebheh anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iad aithreachas aig searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.
Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.
Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;