Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Uime sin thubhairt Iehòbhah rium; Is mò a dh’fhìreanaich Israel chùl-sleamhnach i fhèin na Iùdah chealgach.

Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh i e: oir thàinig i o na h‑àitean as iomallaiche den talamh a dh’èisdeachd gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.

Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa; èisdibh ris.

Agus nach dìt an neo-thimcheall-ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall-ghearradh ad fhear-brisidh an lagha?

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan