Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.

Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.

Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn.

Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.

An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach.

Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan