Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi.
Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.
Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.
A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;
Agus fàsaidh am fearann tioram na linne, agus am fearann tartmhor na thobraichean uisge: ann an àite-còmhnaidh nan dràgon, agus nan leabaidh, bidh feur, leis a’ chuilc agus an luachair.
Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.
Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.
Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:
Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas: