An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.
An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e.
Oir ge bè neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.
Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.
Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.