Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, thàinig rìoghachd Dhè dur n‑ionnsaigh-se.

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.

Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh.

Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth:

Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.

Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart-bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan