Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann-se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh.

Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:

Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn-ne.

Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan