Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?

An sin thugadh da ionnsaigh duine anns an robh deamhan, dall agus balbh: agus shlànaich e e, ionnas gun do labhair am balbhan agus gu robh an dall a’ faicinn.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Ach thubhairt na Pharasaich, Tro phrionnsa nan deamhan tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris?

Fhreagair an sluagh agus thubhairt iad, Tha deamhan agad: cò a tha ag iarraidh do mharbhadh?

An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad?

An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan