Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

Tillibh rim achmhasan: feuch, dòirtidh mi a‑mach mo spiorad oirbh; nì mi aithnichte mo bhriathran dhuibh.

An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa.

Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a‑staigh dhibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdan, agus coimheadaidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad.

Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean:

Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.

A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.

Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna:

Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?

(Oir iad seo uile iarraidh na Cinnich); oir tha fhios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithean seo uile.

Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?

No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha?

Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.

Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?

Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd.

Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan