Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Thubhairt mise am dheifir, Ghearradh as mi o fhianais do shùl; gidheadh dh’èisd thu ri guth m’aslachaidh nuair a dh’èigh mi riut.

Agus thubhairt mi, Tha mo spionnadh agus mo dhòchas air bàsachadh on Tighearna.

Mar an ceudna, an tràth a ghlaodhas agus a dh’èigheas mi, tha e a’ druideadh a‑mach m’ùrnaigh.

Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh.

Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.

Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg?

Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.

Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan