Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
Ma bheir aon neach dhiubhsan nach eil nan creidmhich cuireadh dhuibh, agus gur toil leibh dol maille ris, ithibh gach nì a chuirear romhaibh, gun nì sam bith fheòraich air sgàth cogais.