Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.
Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.
Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa.
Agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia, sibh fhèin, agus ur mic, agus ur nigheanan, agus ur n‑òglaich, agus ur banoglaich, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh de ur geatachan; do bhrìgh nach eil roinn no oighreachd aige maille ribh.
Agus os bàrr, fòghlamaidh iad a bhith dìomhanach, a’ dol mun cuairt o thaigh gu taigh; agus chan e a‑mhàin dìomhanach, ach mar an ceudna bruidhneach, agus a’ gabhail gnothaich ris na nithean nach buin dhaibh, a’ labhairt nithean nach bu chòir dhaibh.