Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ach am thaobh-sa, nuair a bha iadsan gu tinn, b’e aodach-saic mo chulaidh; dh’ioraslaich mi m’anam le trasgadh, agus thill m’ùrnaigh am uchd fhèin.

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.

Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.

Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd.

A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.

Agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth do luchd-dèanamh na sìthe.

Mar chloinn umhail, gun a bhith gur co‑chumadh fhèin ris na h‑ana-miannan a bha agaibh roimhe ann an àm ur n‑aineolais:

A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan