Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.
Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.
Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.
Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna.
Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),
Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.
Agus mar seo their sibh, Slàn gu robh thu: agus sìth gu robh dhut fhèin, agus sìth dod thaigh, agus sìth do gach nì a tha agad.