Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin.

Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì-chèill.

Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e.

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:

Uime sin na iarraibh-se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.

Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad, agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a’ ghnè spioraid dem bheil sibh:

A‑nis bha duine àraidh gu tinn, dom b’ainm Làsaras o Bhetani, baile Mhuire agus Mharta a piuthar.

A‑nis b’ionmhainn le Iosa Marta, agus a piuthar, agus Làsaras.

Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan