Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus chuireadh biadh air a bheulaibh gu ithe: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothach. Agus thubhairt esan, Labhair romhad.

Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.

An sin chuir i dìollaid air asail, agus thubhairt i ra h‑òglach, Tarraing, agus bi ag imeachd: na cuir moille orm a’ marcachd, mura iarr mi ort.

An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata-sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh.

Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad.

Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan