Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.

Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean-loisgte.

Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.

Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn?

Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan