Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh-òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e.
Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda.
Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
Feuchaibh nach ìoc neach olc airson uilc do dhuine sam bith; ach leanaibh-se a‑ghnàth an nì a tha math, araon dur taobh fhèin, agus a‑thaobh nan uile dhaoine.