Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu:
Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.
Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.
Chuir Iosa an dà‑fhear-dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich:
Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
An sin thubhairt a’ bhean o Shamaria ris, Cionnas a tha thusa agus gur Iùdhach thu ag iarraidh deoch uam-sa, a tha am bhan-Shamaritanaich? Oir chan eil comann aig na h‑Iùdhaich ris na Samaritanaich.