Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh-allaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Saor mi o bheul an leòmhainn, agus o adhaircean nam buabhall teasairg mi.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.

Ach am fear-tuarasdail, agus an tì nach e am buachaille, agus nach leis fhèin na caoraich, chì e am madadh-allaidh a’ teachd, agus fàgaidh e na caoraich, agus teichidh e: agus glacaidh am madadh-allaidh iad, agus sgapaidh e na caoraich.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd-sa gun tig madaidhean-allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.

Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.

Agus dh’iarr e litrichean uaithe gu Damascas a‑chum nan sionagog, a‑chum nam faigheadh e aon neach den t‑slighe seo, cò aca b’fhir no mnathan iad, gun tugadh e leis ceangailte gu Ierusalem iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan