Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug thu fianais nan aghaidh, a‑chum an toirt air an ais a dh’ionnsaigh do lagha; gidheadh, rinn iadsan gu h‑uaibhreach, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanas, nithean ma nì duine, bidh e beò annta; agus tharraing iad air falbh an gualann, agus chruadhaich iad am muineal, agus chan èisdeadh iad.

An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs.

Agus thug mi dhaibh mo reachdan, agus dh’fhoillsich mi dhaibh mo bhreitheanais, nithean ma choileanas duine sam bith, mairidh e beò annta.

Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh.

Gidheadh, rinn an clann ar‑a‑mach ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdan, cha mhò a choimhead iad mo bhreitheanais gu an dèanamh, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; thruaill iad mo shàbaidean; an sin thubhairt mi gun dòirtinn a‑mach mo chorraich orra, a‑chum gun coileanainn m’fhearg nan aghaidh anns an fhàsach.

Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithean ma nì duine, bidh e beò annta: Is mise an Tighearna.

Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan.

Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.

Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith.

Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

Agus an àithne a dh’òrdaicheadh a‑chum beatha, fhuaireadh dhòmhsa a‑chum bàis i.

Agus chan eil an lagh o chreideamh: ach, An duine a nì iad gheibh e beatha annta.

Agus dh’àithn an Tighearna dhuinn na reachdan sin uile a dhèanamh, eagal an Tighearna ar Dia a bhith oirnn a‑chum ar maith a‑ghnàth, a‑chum gun gleidheadh e beò sinn, mar air an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan