Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.