Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

A beul naoidhean agus chìochran dh’òrdaich thu neart, airson do naimhdean, a‑chum gun caisgeadh tu an nàmhaid agus an dìoghaltach.

Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.

Agus bidh rathad mòr an sin, agus slighe; agus goirear slighe na naomhachd dheth; cha siubhail neach neòghlan troimhe; ach bidh e air an son-san; cha tèid am fear-turais no na daoine baoghalta air seachran ann.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear-togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh-pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.

Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh?

Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh-san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte.

Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas.

Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana-chàirdean agus a bana-choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.

An sin thog iad a’ chlach (on àit anns an robh an duine marbh air a chur). Agus thog Iosa suas a shùilean, agus thubhairt e, Athair, tha mi a’ toirt buidheachais dhut, gun d’èisd thu rium.

Ach ma tha ar soisgeul-ne falaichte, is ann dhaibhsan a tha caillte a tha e falaichte:

Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;

A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd-mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh-ghean a thoile,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan