Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 10:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Seadh, agus ciod ur gnothach-se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin;

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Thìruis, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad suas a’ bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an coicheangal bràthaireil.

Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas, a chionn gu robh an gnìomharan olc.

Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

Agus nach dìt an neo-thimcheall-ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall-ghearradh ad fhear-brisidh an lagha?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan