Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas.
Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.
Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.
An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan: