Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:80

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?

Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,

Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air.

Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh-ghean aig Dia agus aig daoine.

Agus cha robh aithne agamsa air: ach a‑chum gum biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a’ baisteadh le uisge.

Oir le mòr-dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd.

Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan