Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.
A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.
Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart-bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth.
Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?
Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.
An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.
A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.