Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.
An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.
An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;