Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:68

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Tighearna Dia Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha.

Agus cuideachd mar seo thubhairt an rìgh, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a thug an‑diugh duine a shuidhe air mo rìgh-chathair, agus mo shùilean fhèin ga fhaicinn.

Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh,

Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho-chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal.

Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.

Guma beannaichte an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Agus abradh an sluagh uile, Amen. Molaibh-se an Tighearna.

Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san.

Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir.

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen!

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn:

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.

Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, a chuir thusa an‑diugh am choinneamh-sa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan