Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:67

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.

Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean:

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì-fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad.

Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn?

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan