Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:66

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bha farmad aig a bhràithrean ris; ach thug a athair fa‑near a’ chainnt.

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel.

Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.

Biodh do làmh air fear do làimhe deise, air mac an duine a neartaich thu dhut fhèin.

Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a’ beachd-smaoineachadh orra na cridhe.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air.

Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.

Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna.

Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan