Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:64

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?

Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh.

Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

Anns an là sin bheir mi air adhairc taigh Israeil briseadh a‑mach, agus bheir mi dhutsa fosgladh a’ bheòil nam meadhon; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Ach nuair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Esan a dh’èisdeas, èisdeadh e: agus esan a dhearmadas, dearmadadh e; oir tha iad nan taigh ceannairceach.

Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh.

Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.

Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran-sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan