Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:63

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air iarraidh clàir-sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe.

Imich a‑nis, sgrìobh e fan comhair air clàr, agus comharraich e air leabhar; a‑chum gum bi e airson nan aimsirean a thig, airson fianais gu sìorraidh;

Tha peacadh Iùdah air a sgrìobhadh le peann iarainn; le roinn daoimein tha e air a ghearradh, air clàr an cridhe, agus air adhaircean an altairean:

Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i.

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.

Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan