Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:59

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall-ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.

Agus air an ochdamh là timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn-san.

Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Air mo thimcheall-ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan