Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:58

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr-thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Feuch a‑nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhòmhsa lem anam a theasairginn; agus chan urrainn mise dol as don t‑sliabh, air eagal gun tig olc-eigin orm, agus gum faigh mi bàs:

Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.

Bheir e air a’ mhnaoi a tha gun sliochd còmhnaidh a ghabhail ann an taigh, na màthair ait cloinne.

Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.

Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.

Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine.

A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac.

An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd-dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan