Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.
Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:
Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.
Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.