Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Ach bidh eagal an Tighearna ur Dia oirbh, agus saoraidh esan sibh à làimh ur naimhdean uile.

Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.

Beannaichidh e iadsan air am bi eagal an Tighearna, na big agus na mòir.

Abradh iadsan a‑nis don eagal an Tighearna gum mair a thròcair gu bràth.

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.

Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair.

Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!

Gu dearbh tha a shlàinte dlùth dhaibhsan don eagal e; a‑chum gun còmhnaich glòir nar tìr.

Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan.

Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm.

Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan